<!-- -->

Catch Up: Ceòl ’s Craic guest Shona Brown

Bidh sinn a’ cur fàilte air neach-ciùil òg inntinneach air Ceòl ’s Craic @ Celtic Music Radio Diluain.

Tha Shona Brown www.shonabrown.com air moladh mòr fhaighinn airson a cuid ceòl – ceòl druidheach iomadh fhillte a tha i a’ cruthachadh le measgachadh de fhuinn duiseil tathaicheach, co-sheirmean nèamhaidh agus fuaimean dealanach cuairteach.

Stèidhte ann an Glaschu tha i an-dràsta an sàs ann am pròiseact air a bheil ‘10 in 10’ far am bi i a’ cur air bhog 10 clàraidhean ann an 10 miosan air an 10mh latha de gach mios.

Tha i air obrachadh còmhla ri luchd-ciùil a leithid Mogwai, Eddie McGuire, Barbara Thomson agus bho chionn ghoirid chaidh a cluinntinn a’ cluich beò air BBC Radio Scotland agus STV Glaschu.

Cuideachd air a’ phrògram bidh Iain MacAmhlaigh a bha ag obair airson bliadhnaichean mòra mar chraoladair aig Rèidio nan Gàidheal. Tha sinn a’ gabhail fiughar ri seisean de cheòl beò bho Shona agus còmhradh agus taghadh de chlàran bho Iain.

Nach tig sibh còmhla rinn eadar 6 is 7 air 16mh Gearran – bidh am program a’ dol a-mach beò air feadh Ghlaschu air 95FM agus air feadh air an t-saoghail air loidhne air.

Ceol2

On Monday 16 February, Ceòl ’s Craic held a live music session by a young woman who has attracted much praise for her original and unusual music compositions.

Classically trained Scottish musician Shona Brown creates atmospheric soundscapes with flute, voice and electronics. She builds her original songs and instrumentals by layering haunting flute melodies, ethereal vocal harmonies and ambient electronic sounds.

Based in Glasgow, she is currently working on her 10 in 10 project, through which she will release 10 recordings in 10 months, on the 10th of every month.

She has worked with Mogwai, Eddie McGuire, Barbara Thompson and Cora Bissett and recently appeared live on BBC Radio Scotland and STV Glasgow.

We’ll also be welcoming Iain MacAulay who worked for many years as a broadcaster at Rèidio nan Gàidheal to the programme.

Join us between 6 and 7pm for Ceòl ’s Craic @ Celtic Music Radio on 95FM in Glasgow or online at www.celticmusicradio.net for some wonderful live music from Shona and lively Gaelic conversation with Iain who’ll be sharing three of his favourite records with us.



Celtic Music Radio 95 FM, 54 Admiral Street, Kinning Park, Glasgow G41 1HU
| Telephone: 0141 237 9205 | Text: 0777 507 9595 | Email: info@celticmusicradio.net |
Celtic Music Radio is a Charity registered in Scotland, number SC041172

Click to visit Celtic Connections

PPL UK PRS for Music   Community Media Association Ofcom