<!-- -->

«

»

Apr 08

Ceòl ‘s Craic Monday 13 April 6pm

Bidh Ceòl ’s Craic www.ceolscraic.org a’ cumail seisean ciùil le Alasdair Roberts Diluain 13 Giblean eadar 6 is 7f air Celtic Music Radio. Ann an 2012 chlàr Alasdair agus an seinneadair Gàidhlig, Mairi Mhoireasdan ‘Urstan’ – proiseact ciùil a chaidh a stèidheachadh le Ceòl ’s Craic. Thàinig an clàr a-mach fo shuaicheantas ‘Drag City’ – a’ chompaniadh chlàran stèidhte ann an Chicago a tha air a’ mhòr-chuid de na clàran aig Alasdair fhoillseachadh. Tha Alasdair ainmeil air feadh an t-saoghail mar neach-ciùil a bhios a’ cur an dreach fhèin air òrain traidiseanta a bharrachd air a bhith a’ sgrìobhadh stuth tùsail ann an stoidhle a tha mac-meanmach is annasach. Bidh e ag obair tric ann an co-bhanntachd ri luchd-ciùil eile agus luchd-ealain bho diofar ghnèthan. Thigibh còmhla rinn airson uair a thìde de cheòl beò agus còmhradh Gàidhlig aig 6f Diluain. Tuilleadh fiosrachaidh air www.facebook.com/pages/Ceòl-is-Craic\

 

Ceòl ’s Craic www.ceolscraic.org will be hosting a live music session on Monday 13 April by guitarist and singer Alasdair Roberts. In 2012 Alasdair collaborated with Gaelic singer Mairi Morrison on ‘Urstan’, an album commissioned by Ceòl ’s Craic and released on the Chicago based Drag City label. Alasdair, an exceptionally gifted guitarist, is internationally known for his self-written material as well as his unique interpretations of traditional songs and ballads. He has collaborated widely with many different musicians throughout his career as well as working with a variety of artists from other disciplines. Join us for an hour of live music and Gaelic conversation at 6pm on Monday. More details on www.facebook.com/pages/Ceòl-is-Craic\

 

 

 

 



Celtic Music Radio 95 FM, 54 Admiral Street, Kinning Park, Glasgow G41 1HU
| Telephone: 0141 237 9205 | Text: 0777 507 9595 | Email: info@celticmusicradio.net |
Celtic Music Radio is a Charity registered in Scotland, number SC041172

Click to visit Celtic Connections

PPL UK PRS for Music   Community Media Association Ofcom